Cearcall Còmhraidh

Cearcall Còmhraidh

Cearcall

An ath chearcall
Air a chuir dheth

Seòmraichean Naomh Anndrais
Ciad Làr
16 Sràid Anndrais a Tuath
Dùn Èideann
EH2 1HJ
(faic air mapa)

Dìreach tionndaidh suas
£2.00 (a' chiad turas an-asgaidh)
Tha fàilte romhaibh uile!

Tha Cearcall air a chuir dheth airson greis, tha sinn duilich airson ana-goireas sam bith.

‘S e buidheann chàirdeil, shocair far an cuirear fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig aig gach ìre a tha anns a’ Chearcall Còmhraidh, ge b’e a bheil thu dìreach a’tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh no fileanta sa chànan. Cha leig thu a làs àite a ghlèidheadh – dìreach tionndaidh suas. Tha sinn a’coinneachadh gach feasgar Dimàirt, ach aig àm na Nollaige agus a’ Bhliadhn’ Ùr.

Ged a chuireas sinn thu ann an cearcall còmhla ri luchd-labhairt aig an aon ìre riut fhèin ‘s e cruth neo-fhoirmeil agus sòisealta a tha air na seiseanan gun cùspairean còmhraidh air an taghadh ron àm. Tha srùpag agus briosgaid ann gach oidhche agus òran ann aig amannan cuideachd. Leis gu bheil ceòl aig cridhe cultar na Gàidhlig bidh sinn a’seinn òran còmhla gu math trìc ach ma tha sibh airson cluinntinn dè tha dol a thaobh na Gàidhlig anns a’ bhaile agus timcheall air Dùn Èideann tadhalaibh air an duilleag Dè tha dol? againn.

Luchd-tòisichidh

Ma tha thu dìreach a’ tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh na gabh dragh mu dheidhinn na diofar ìrean agus comasan còmhraidh. Faodaidh tu cho beag no cho mòr de phàirt a ghabhail sa chòmhradh sa thogras tu. ‘S e deagh chothrom a tha ann airson do sgilean èisteachd agus labhairt a neartachadh. Tha e math cuideachd a bhith a’coinneachadh ri oileanaich eile agus a bhith a’toirt taic dha chèile. Bidh cuideigin fileanta a chuidicheas agus a bhrosnaicheas tu gus a bhith a’cleachdadh nas urrainn dhut de Ghàidhlig an còmhnaidh ann an cearcall na luchd-tòisichidh.

Tadhail air ar Stòrasan Gàidhlig airson tuilleadh fiosrachaidh mu stòrasan air-loidhne airson luchd-ionnsachaidh agus buidhnean a bhios a’cur air adhart cùrsaichean cànain Gàidhlig. Gheibh thu ceanglaichean gu stòrasan a tha feumail do luchd-labhairt na Gàidhlig air fad bhon roinn seo.

Cuir fios thugainn

Ma tha ceistean no molaidhean sam bith agad bidh sinn toilichte cluinntinn bhuat.

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2024
An làrach le : Sableworks