Cearcall Còmhraidh

Buidhnean eile

Seo agaibh Buidhnean Còmhraidh Gàidhlig a tha a’dol aig an àm seo agus air a bheil eòlas againn. Ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil mearachd sam bith san fhiosrachadh, no ma tha fios agad mu dheidhinn buidheann còmhraidh sam bith eile bu math leat fhaicinn air an liosta, cuir fios thugainn mas e do thoil e.

An Cearcall Gàidhlig

‘S e cruth ‘drop in’ airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig gach ìre a tha anns ‘An Cearcall Gàidhlig’.
Càit: Seòmar 8/9, Lindsay House, South Bridge Street, Bathgate
Cuin: Madainn Disathairne, 9.30m -12.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Rob MacEoghainn air 0131 333 3448

Canan is Cèic

Tha Cànan is Cèic fosgailte do luchd-labhairt Gàidhlig aig gach ìre. Bidh iad ag atharrachadh an àite-coinnichidh aig amannan’s air an adhbhar sin bhiodh e na b’fhearr dhut fios a chuir thuca ron chiad uair a rachadh tu ann.
Càit: Thos. J. Walls Café, Forrest Road, Dùn Èideann
Cuin: Feasgar Disathairne, 3.30f – 5.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Déirdre ní Mhathúna aig d.ni.mhathuna@gmail.com no cuir fios thuca air Facebook
Airson mion-fhiosrachadh:Tadhail air Canan is Cèic air Facebook >>

Gàidhlig Diardaoin

Tha an Oilthigh Dhùn Èideann a’ ruith an club seo, ach tha e fosgailte don coimhearsnachd agus bidh fàilte air gach aois agus ìre labhairt. Cha bhi an buidheann seo a’ ruith ach ’nuair a tha an Oilthigh fosgailte. Uime sin faodaidh sibh fios a chur gu Bria Mason airson faighinn a-mach am bi e ann.
Càit: Grassmarket community Centre, 86 Candlemaker Row, Edinburgh
Cuin: Feasgar Diardaoin, 1.00f – 2.00f
Cosg: An-asgaidh
Tuilleadh fiosrachadh bho: Bria Mason aig Bria.Mason@ed.ac.uk

Yakety Yak Language Café

‘S ann airson ìre eadar-mheadhanach agus os cionn sin a-mhàin a tha a’ bhuidheann còmhraidh seo freagarrach. Mur eil thu cinnteach as an ìre comais agad fòn mus tèid thu ann.
Càit: Dùn Èideann – diofar àiteachan
Cuin: Dùn Èideann – diofar seiseanan
Cosg: 3 roghainn pàighidh gan tathann
Airson mion-fhiosrachadh:Tadhail air Yakety Yak >>

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2024
An làrach le : Sableworks