Cearcall Còmhraidh

Dè tha dol?

Cuidichidh na làraich-lìn seo thu gus tachartasan agus cur-seachadan Gàidhlig fàisg air agus ann an Dùn Èideann a lorg. Ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil mearachd anns an fhiosrachadh neo ma tha thu airson tachartasan eile a chur air an liosta againn cuir fios thugainn mas e do thoil e.

Tachartasan

Bothan Dùn Èideann

‘S e Bothan club oidhche Gàidhlig Dhùn Èidinn, feasgar làn de cheòl beò agus deagh chràic. Tha e air a chumail aon uair sa mhìos air Dihaoine sa Chanons’ Gait. Leis nach eil aca ach duilleig Facebook, ni sinn ar dìcheall fios a leigeil dhuibh nuair a bhios an ath Bothan a’gabhail àite.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Bothan Dùn Èideann air Facebook >>

Thoir sùil air ‘The List’

‘S e an iris ‘The List’ àite cho math ‘s a tha ri fhaighinn airson fiosrachadh mu thachartasan a lorg. Ann am fìor stoidhle ‘Blue Peter’, ‘s e seo liosta ullaichte ro làimh dhut a’ toirt am fiosrachadh is ùire mu dheidhinn tachartasan Gàidhlig fàisg air agus ann an Dùn Èideann.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air The List as ùire >>

Tachartasan Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èidinn

Tha tachartasan Gàidhlig airson oileanaich, òraidichean agus am poball air an cumail tro na bliadhna aig Oilthigh Dhùn Èidinn.
Airson mion fhiosrachadh: Seall air mìosachan Oilthigh Dhùn Èidinn >>

Seirbheis Ghàidhlig gach latha Sàbaid aig Eaglais nam Manach Lìath

Seirbheis Ghàidhlig gach Sàbaid.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Eaglais nam Manach Lìath >>

Tachartasan / cur-seachadan cloinne

‘S e Bun-Sgoil Taobh na Pàirce, ann an Lìte, sgoil foghlam tro meadhan na Gàidhlig airson Dùn Eideann. Tha làrach-lìn nam Pàrantan a’sealltainn liosta de na cur- seachadan a tha gan ruith san sgoil airson clann agus teaghlaichean.
Airson mion fhiosrachadh: Faic tachartasan aig Taobh na Pàirce >>

Cèilidhean

Chan eil na tachartasan uile ann an Gàidhlig ged a tha ceangal aca uile ri Gàidhlig no cultar na Gàidhlig.

Comunn Tìr nam Beann Dùn Èideann

Is e oidhche loma-làn le ceòl agus òrain Ghàidhlig airson an teaghlaich uile, agus le strùpag agus bèicearachd cuideachd!
Càit: Eaglais Augustine Aonaichte, 1-43 Drochaid Sheòrais IV , Dùn Èideann, EH7 6JH
Cuin: 7.30f – 10.00f, Air a chuir dheth
Cosg: £5 buill / £6 eile
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Comunn Tìr nam Beann Dùn Èideann air Facebook >>

Cur-seachadan le Ceòl agus Drama

Còisir Dhùn Èideann

Tha Còisir Dhùn Èideann daonnan toilichte buill ùra a lorg airson gach roinn de ghuthan seinn a dh’fheumas iad. Tha oideachadh ann an Gàidhlig le stuthan tàic rim faighinn bhuapa.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Còisir Dhùn Èideann >>

Còisir Ghàidhlig Lodainn

Tha Coisir Ghàidhlig Lodainn a’cur fàilte air seinneadairean airson gach pàirt den chòisir. Chaneil eòlas air sèinn ann an còisir neo eòlas air Gàidhlig riatanach air sgàth ‘s gu bheil oideachadh ga dhèanamh gach seachdain.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Còisir Ghàidhlig Lodainn >>

Fèisean Nan Gàidheal

Gu sònraichte airson clann agus inbhich òga tha an Fhèis ag eagrachadh clasaichean ciùil Gàidhlig,drama agus dannsa air feadh na h-Alba.
Airson mion fhiosrachadh: Tadhail air Fèisean Nan Gàidheal >>

Clasaichean agus Cùrsaichean

Ma tha thu airson tuilleadh fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn ionnsachadh air-lòidhne neo clasaichean agus cùrsaichean taobh a-muigh roinn Dhùn Èidinn, rach gu Stòrasan Gàidhlig airson liosta nas fhàrsainge fhaicinn.

Comhairle Baile Dhùn Èideann

Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann a’tathann clasaichean foghlam coimhearsnachd ann an Gàidhlig aig ìre neach-toisichidh,an ath ìre agus ìre eadar-mheadhanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic na cùrsaichean bho Comhairle Baile Dhùn Èideann >>

Colaiste Dhùn Èidinn

Tha cothrom agad aig Colaiste Dhùn Èidinn Gàidhlig ionnsachadh gu Àrd Ìre.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Dhùn Èidinn >>

Oilthigh Dhùn Èidinn

Tha Oilthigh Dhùn Èidinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig aig 3 ìrean bho ìre luchd-tòisichidh,tro na bliadhna.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn >>

Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh

Tha Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a’ruith cùrsaichean cànain agus cultar – cuid air àrainn na colaiste agus cuid eile ann an Dùn Èideann.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh >>

Còraichean Cearcall Còmhraidh 2024
An làrach le : Sableworks